"An obair a' tòiseachadh anns a' bhad", arsa am Prìomhaire ùr

Sir Keir Starmer aig Àireamh a 10
  • Air fhoillseachadh

Thuirt am prìomhaire ùr Sir Keir Starmer gu bheil "an obair a' tòiseachadh anns a' bhad" na chiad òraid na pHrìomhaire aig Sràid Downing.

Bha e ag ràdh, "Tha an obair againn èiginneach - agus tha sinn a' tòiseachadh air an-diugh", agus chualas èighean bho luchd-taice.

Roimhe sin, choinnich Sir Keir ris an Rìgh Teàrlach aig Lùchairt Bhuckingham agus fhuair e cuireadh foirmeil riaghaltas a stèidheachadh.

Na bu thràithe Dihaoine, leig Rishi Sunak dheth a dhreuchd mar phrìomhaire agus dh'innis e gun seas e sìos mar cheannard air na Tòraidhean, ged nach dèan e sin anns an spot.

Bha Mgr Sunak ag ràdh "chuala mi ur fearg", às dèidh dha na Làbaraich crìoch a chur air 14 bliadhna de riaghladh Thòraidheach le mòr-chuid mhòir.

Tha na Làbaraich air 412 roinn a bhuannachadh, leis na Tòraidhean anns an dàrna àite le 121 is dà shuidheachan ri dhearbhadh.

Tùs an deilbh, POOL

Bha am prìomhaire ùr ag ràdh na òraid "gun tòisich atharrachaidhean anns a' bhad" ach nach bi e cho furasta ri "suidse a bhrùthadh".

Bhruidhinn e air cruaidh fheum airson sgoiltean agus taighean nach eil ro chosgail, agus gheall e "bun-structar dòchais na dùthcha ath-thogail".

Gheall e riaghaltas de "sheirbheis" agus thuirt e gun robh feum air "tòiseachadh ùr nàiseanta".

Thuirt e cuideachd gu bheil an saoghal neo-thèarainte an-diugh agus gu bheil dùbhlain an cois sin.