An Taghadh

An Taghadh

Geàrr-shealladh

  • Tha na Làbaraich air an taghadh a bhuannachadh

  • Tha na Tòraidhean air a dhol air ais gu mòr, mar a tha an SNP ann an Alba

  • Tha Torcuil Crichton air na h-Eileanan an Iar a bhuannachadh airson nan Làbarach

  • Aig tuath tha na Lib Deamaich air Gallaibh, Cataibh agus Ros an Ear a ghabhail

  • Chum an SNP Earra-Ghàidheal, Bòd is is Loch Abar a Deas

  • Tha sinn a' feitheamh fhathast air Inbhir Nis, An t-Eilean Sgitheanach is Ros an Iar

  • Rinn Reform adhartas is ceathrar bhall aca

  • Cleachd #antaghadh gus beachd a thoirt dhuinn

  • Dèan ùrachadh air an duilleig seo gus am fiosrachadh as ùire fhaighinn tron oidhche

  • Air fhoillseachadh

09:00m

Tha sinne a’ soidhneadh dheth a-niste an dèidh dhuinn naidheachdan an taghaidh a chumail ribh beò fad na h-oidhche. Thòisich sinn aig 10:00f an-raoir. B’ e a’ chiad uair riamh a chaidh a leithid a dhèanamh sa Ghàidhlig, agus tha sinn an dòchas gun do chòrd e ribh. Ceud taing ‘son a bhith còmhla rinn. Oidhche mhath ma-tha.....

08:55m

Tha cuid air a bhith a' gabhail norrag ann an Inbhir Pheofharain far a bheil iad fhathast a' feitheamh air toradh Inbhir Nis, An t-Eilean Sgitheanach is Ros an Iar.

Tha fios againn mar a tha iad a' faireachdainn!

Tha e coltach nach fhaigh sinn buil na bhòta an sin ro 09:00m - ach bidh e againn aig BBC Naidheachdan nuair a thig e.

08:49m

Nise, tha sinn fhìn air an duilleig an seo agus Aithris na Maidne air an wireless còmhla ribh gu 09:00m ach cha bhi an gnothach seachad aige sin.

Fuirichibh còmhla rinn air-loidhne aig BBC Naidheachdan, air an radio air BBC Radio nan Gàidheal, is air an tbh air BBC ALBA tron là 'son a h-uile car mun taghadh fhaighinn.

08:36m

Tha sinn a' feitheamh fhathast air ath-chunntadh nam bhòtaichean airson roinn Inbhir Nis, An t-Eilean Sgitheanach is Ros an Iar.

Oidhche fhada aig a h-uile duine an sin ann an Inbhir Pheofharain is tha an t-acras air tagraiche nan Lib Deamach Aonghas Dòmhnallach, a rèir choltais, is e dìreach air nochdadh le poca làn rollaichean beucoin.

08:25m

Tha Alasdair Moireasdan bhon Phàrtaidh Làbarach dìreach air a bhith air Aithris na Maidne.

"Madainn mhath is tha i dha-rìribh math," tha Alasdair ag ràdh, agus 's beag an t-iongnadh!

Thuirt e gur e "crith-thalmhainn phoilitigeach" a bha seo.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Agallamh le Alasdair Moireasdan

08:17m

Beagan fiosrachaidh dhuibh air na bhios a' tachairt an-diugh fhathast.

Bruidhnidh am Prìomhaire mu 10:30m mus tèid e gu Lùchairt Bhuckingham airson bruidhinn ris an Rìgh.

An dèidh seo, thèid ceannard nan Làbarach, Sir Keir Starmer gu Lùchairt Bhuckingham gus èisteachd fhaighinn leis an Rìgh.

Siubhlaidh am Prìomhaire ùr an uairsin gu Sràid Dhowning. Tha dùil gum bruidhinn Sir Keir mu 12:20m.

Tùs an deilbh, Reuters

08:05m

Tha an SNP air Aonghas agus Glinn Siorrachd Pheairt a bhuannachadh, gan toirt gu 9 roinnean uile gu lèir.

08:04m

Thàinig seo bhon Oll. Sir John Curtice:

“Tha coltas ann gu bheil na Tòraidhean ‘s na Làbaraich a’ dol a dh’fhaighinnn nas lugha na 60% eatorra de na bhòtaichean a chaidh a chaitheamh.

B’ e sin an t-earrann a bu lugha ann an taghadh sam bith bho 1923, nuair a chaidh na Làbaraich nam prìomh phàrtaidh dùbhlain airson a’ chiad uair.”

08:02m

"Mòr-thubaist eagallach".

Bha fìor dhroch oidhche aig an SNP is iad a' call roinnean air feadh na dùthcha.

A rèir Mhàrtainn Mhic a' Bhàillidh a tha a' cur taic ris a' phàrtaidh 's e "mòr-thubaist eagallach a bh' ann...."

Fo-thiotal a’ bhidio,

Fo-thiotal a’ bhidio,

Ag ath-chunntadh nam bhòtaichean an Inbhir Pheofharain

07:50m

Tha Niall Mitchison aig na Lib Deamaich ag ràdh gu bheil e "glè thoilichte" is gun do rinn am pàrtaidh adhartas mòr ann an seataichean far an deach na Tòraidhean air ais.

Ach tha Mgr Mitchison ag ràdh gu bheil ceistean air a-rithist mu shiostam bhòtaidh Westminster.

"Chan urrainn dhomh a radh gur e rud fallain a th' ann far an d'fhuair Reform trì puingean percentage a bharrachd air na fhuair sinne de bhòtaichean is cha d'fhuair iad ach ceithir seataichean.

"Chan eil taobh sam bith agam ri Reform ach tha e a' togail ceist a-rithist an e first past the post an doigh as fheàrr air pàrlamaid a thaghadh"

07:41m

Bha droch oidhche aig Pàrtaidh Alba. Chaill a h-uile duine de na 19 tagraichean aca an t-eàrlas aca.

07:35m

"Rinn sinn e - seo toiseach an atharrachaidh" - siud an teachdaireachd bho Sir Keir Starmer.

Tùs an deilbh, Reuters

07:28m

Tha ceannard nan Tòraidhean ann an Alba Dùghlas Ros ag ràdh gun robh bhòt gu math mòr aig Reform ann an sgìre Siorrachd Obar Dheathain a Tuath agus Moireibh an Ear agus gur e adhbhar cudromach a bha sin nach do bhuannaich e an roinn.

Tùs an deilbh, PA

07:26m

Tha Daniel Poole a tha a' cur taic ris na Tòraidhean air innse do dh'Aithris na Maidne gun robh dùil aige ri droch oidhche ach gun robh e fiù 's na bu mhiosa na sin.

Tha e ag ràdh gu bheil e "nàire".

07:16m

Chaill na Tòraidhean na roinnean gu lèir a bh' aig na prìomhairean bho 2010, ach a-mhàin Rishi Sunak.

Chaill iad Witney a bh' aig Dàibhidh Camshron ris na Lib Deamaich.

Chaidh Maidenhead a bh' aig Theresa May dha na Lib Deamaich cuideachd.

Is fhuair na Làbaraich Uxbridge and South Ruislip a bh' aig Boris Johnson agus South West Norfolk a bh' aig Liz Truss.

07:07m

Chuala sinn bho Mhgr Crichton goirid às dèidh dha soirbheachadh...

Fo-thiotal a’ bhidio,

06:54m

Tha Ball-Pàrlamaid ùr nan Eileanan an Iar air taing a thoirt dhaibhsan a thug bhòt dha...

Cha ghabh am post Twitter seo a shealltainn air a’ bhrabhsair agaibh. Ceadaichibh Javascript no feuchaibh brabhsair eile.Faicibh stuth tùsail air Twitter
Chan eil am BBC an urra ris na tha a' nochdadh air làraichean-lìn air an taobh a-muigh
Leum thairis air twitter teachdaireachd le Torcuil Crichton for Na h-Eileanan an Iar

Cead do stuth Twitter?

Tha stuth Twitter an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sàs. ‘S dòcha gum biodh tu airson poileasaidh nam briosgaidean aca a leughadh, taobh a-muigh a leughadh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh ‘Gabh ris agus lean ort’.

Chan eil am BBC an urra ris na tha a' nochdadh air làraichean-lìn air an taobh a-muigh
Deireadh twitter teachdaireachd le Torcuil Crichton for Na h-Eileanan an Iar

06:50m

Tha an seann Phrìomhaire Liz Truss air a seat a chall ann an South West Norfolk. Bha mòr-chuid aice de 24,000 aig an taghadh mu dheireadh, ach chaill i dha na Làbaraich. Bha e gu math faisg, ‘s na Làbaraich air 11,847 fhaighinn, ‘s Liz Truss air 11,217 bhòt fhaighinn.

06:49m

Seo an dealbh gu nàiseanta aig an ìre seo.

06:42m

Tha sgioba Aithris na Maidne dìreach air cluinntinn bho Alasdair MacLeòid gu bheil feum air ath-chunntadh 'son Inbhir Nis, An t-Eilean Sgitheanach is Ros an Iar.

Tha sin a' ciallachadh suas ri dà uair de thìde mus faigh sinn buil na bhòta an sin.

06:40m

Tha an SNP air Earra-Ghàidheal, Bòd is is Loch Abar a Deas a bhuannachadh.

06:35m

Tha sinn còmhla ribh gu 09:00m an seo is air Aithris na Maidne is duilleag ùr againn a-nise.

Gheibh sibh na duilleagan a bh' againn tron oidhche an seo agus an seo.