Crichton air buaidh fhaighinn anns na h-Eileanan an Iar

Torcuil Crichton
  • Air fhoillseachadh

Tha Torcuil Crichton air roinn-pàrlamaid nan Eilean Siar a bhuananchadh don Phàrtaidh Làbarach.

Bhuannaich e le 6,692 bhòt.

Bha Susan NicThòmais bho Phàrtaidh Nàiseanta na h-Alba san dàrna àite le 2,856 bhòt.

Thàinig Aonghas Brianan MacNìll san treas àite le 1,370. Bha esan a' seasamh mar neo-eisimeileach an turas seo, ged is e am BP a bh' ann. Chaidh esan a chaith a-mach às an SNP agus roghnaich e seasamh air a cheann fhèin.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Torcuil Crichton a' buannachadh anns na h-Eileanan Siar

Bha ochdnar thagraichean ann uile gu lèir - an àireamh as motha a th' air a bhith ann an taghadh a-riamh san sgìre.

Fhuair Reform UK 697 bhòtaichean, barrachd na tagraiche nan Tòraidhean Kenny Barker, a fhuair 647.

Fhuair Donald Boyd bhon Phàrtaidh Chrìosdail 496 bhòt agus fhuair Pàrtaidh Teaghlaich na h-Alba 388 agus na Lib Deamaich 382 bhòt.

Bha dàil ann le bhith a' cunntadh nam bhòtaichean à Uibhist is Barraigh seach gun robh duilgheadasan aig a' phlèana faighinn a Bheinn nam Fadhla à Steòrnabhagh.

Bha gluasad 22.6% anns am bhòt bhon SNP gu na Làbaraich.

Thuirt Torcuil Crichton gun robh e a' faireachdainn misneachail fhad 's a bha e ag iomairt tro na h-eileanan agus gun robh e an dòchas gun robh e air earbsa dhaoine fhaighinn.

Cha ghabh am post Twitter seo a shealltainn air a’ bhrabhsair agaibh. Ceadaichibh Javascript no feuchaibh brabhsair eile.Faicibh stuth tùsail air Twitter
Chan eil am BBC an urra ris na tha a' nochdadh air làraichean-lìn air an taobh a-muigh
Leum thairis air twitter teachdaireachd le Torcuil Crichton for Na h-Eileanan an Iar

Cead do stuth Twitter?

Tha stuth Twitter an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sàs. ‘S dòcha gum biodh tu airson poileasaidh nam briosgaidean aca a leughadh, taobh a-muigh a leughadh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh ‘Gabh ris agus lean ort’.

Chan eil am BBC an urra ris na tha a' nochdadh air làraichean-lìn air an taobh a-muigh
Deireadh twitter teachdaireachd le Torcuil Crichton for Na h-Eileanan an Iar